Bheir Copilot Chat taic AI chumhachdach dhut tron latha obrach agad airson ’s gun urrainn dhut a dhol eadar rud a bhuail ort gu gnìomh air neo o shaothair gu buil.
Faigh cothrom air d’ obair ann an àrainneachd a chaidh a dhealbhadh airson a bhith sùbailte.
An robh fhios agad?
Co-theannaich
Tha tionndadh saor ’s an-asgaidh ann ma chlàraicheas tu a-steach air cunntas Microsoft. Tha crìochan caitheimh an sàs ann an cuid a ghleusan agus bidh iad seo nas àirde air plana air airgead. Le cunntas Microsoft, ’s urrainn dhut Word, Excel agus PowerPoint a chleachdadh nad bhrabhsair saor ’s an-asgaidh. Mas e an tionndadh desktop a tha a dhìth ort, barrachd stòrais is gleusan premium eile, feuch planaichean Microsoft 365.
Leudaich
Bheir Copilot cruinn còmhla d’ obair is do bheatha san aon aplacaid ach cha mheasgaich e eachdraidh nan còmhradh agad. Fanaidh a’ chabadaich obrach agad co-cheangailte ris a’ chunntas obrach agad agus a’ chabadaich phearsanta agad ris a’ chunntas phearsanta agad airson ’s gun urrainn dhut gluasad eatarra gun an eachdraidh, na faidhlichean no gleusan dìon a’ bhuidhinn agad a’ dol am measg a chèile.
Leudaich
Ann an cainnt nàdarra agus ann an co-theacsa d’ obrach, cuidichidh Microsoft 365 Copilot Chat thu na prìomhachasan agad a thuigsinn, deasbadan a tha a’ dol agus na tha feumach air aire a-nis. An àite a bhith a’ toirt cruinn pìosan de dh’fhiosrachadh thu fhèin, is urrainn dhut ceistean fhaighneachd agus gheibh thu iùl nas luaithe mar sin.
Leudaich
Le bhith a’ cleachdadh Copilot AI sa chùlaibh, is urrainn dhut los a shoilleireachadh ann an Microsoft 365 Copilot Chat, cnuasachadh na ’s urrainn dhut dèanamh agus dè na h-ath-cheuman a bhiodh math ann an còmhradh. Cumaidh seo d’ obair a’ dol gun an sruth a bhacadh no gun fheum air rud eile a bhios feumach air co-òrdanachadh.
Leudaich
Gèillidh Copilot ri ceadan is dìon enterprise sam bith a tha an sàs, a’ dèanamh cinnteach gum bi freagairt sam bith stèidhichte air stuthan obrach ceadaichte. Leis a sin, faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi eadar-ghabhail sam bith a rèir riaghailtean a’ bhuidhinn agad a thaobh tèarainteachd is gèillidh.
Leudaich
Bheir Microsoft 365 Copilot Chat comas dhut a dhol an sàs co-theacsa d’ obrach uair sam bith a bhios feum agad air. Ged a bhios tu a’ leantainn air rud no a’ toirt sùil air adhartas, leanaidh an còmhradh air – is bidh thusa tarbhach aig àm sam bith dhen latha obrach agad.